Am Pròiseact
Chaidh Comann Eachdraidh na Comraich a chur air dòigh ann an 1999, is bha cruinneachadh ainmean-àite na sgìre na phrìomhachas aig an àm sin. Ged a bha e cho duilich aithneachadh, bha sinn, mar choimhearsnachd, air cuid mòr de na h-eòlaichean againn a chall thairis air an dà fhichead bliadhna a dh’fhalbh, fireannaich is boireannaich a bha mion-eòlach air an fhearann, air a’ chladach, air na monaidhean is air na creagan.
’S e oidhirp na tha air fhàgail a chlàradh is a ghleidheadh do na ginealachan ri teachd a th’ anns a’ phròiseact seo. Far an robh e comasach dhuinn, chaidh sinn tro gach tùs (mapaichean an t-Suirbhidh Ordanais, leabhraichean, is mar sin air adhart) agus chùm sinn agallamhan mi-fhoirmeil ri eòlaichean sa choimhearsnachd, gu sònraichte iad aig a bheil a’ Ghàidhlig, no a bha eòlach air ainmean – tha sinn fortanach gun robh iad deònach an cuid eòlais a roinn.
Tha Comann Eachdraidh na Comraich gu mòr an comain Sgeama Compàirteachas Àrainneachd na Comraich airson na taice, agus tha iad cuideachd ag aithneachadh nam buidhnean a leanas airson maoineachadh a thoirt dhan phròiseact: